Harris Tweed - The Orb
A' Chlò Hearach®
Poileasaidh Bhileagan agus Riaghailtean Cleachdadh Brannd

Is e dreuchd Ùghdarras a' Chlò Hearaich a bhith a' dìon agus a' gleidheadh ùghdarralas, inbhe agus cliù a' Chlò Hearaich an t-aodach a tha ainmeil air feadh an t-saoghail.

Aodach a' Chlò Hearaich

Am Pròiseas

Harris Tweed®

Clòimh gu Clò Hearach Dualchas Làmh-fighte

1. A' Bearradh & A' Cruinneachadh na Clòimhe

Tha an Clò Hearach air a dhèanamh de fhìor chlòimh, a tha air am measgachadh ri chèile gus a’ bhuannachd as fheàrr fhaighinn às na feartan sònraichte a tha annta. Ged is ann bho Thìr Mòr na h-Alba a tha a’ mhòr chuid den chlòimh a’ tighinn, tràth as t-samhradh, bithear a’ cruinneachadh nan caorach ann an coimhearsnachdan nan eilean gus na caoraich ionadail a chithear air feadh an àite, a chruinneachadh agus a bhearradh.

2. A' Nighe & A' Dath

Tha an Clò Hearach dha-rìribh air a dhath mar chlòimh, i.e. tha a’ chlòimh air a dath mus tèid a snìomh seach a bhith a’ dath snàth a tha air a shnìomh. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil snàth de dhathan eadar-dhealaichte air an cur ri chèile gus an t-uabhas dhathan is thuaran toinnte a chruthachadh. Leis gu bheil na planntasan a-nis air an dìon, chan urrainnear a bhith a’ cleachdadh dathan nàdarrach. Ach, is e aodach-fighte a tha dha-rìribh fallain gu h-eag-eòlach a tha seo le buaidh-iòsal VOC (volatile organic compound) pròiseas ullachaidh stuth-sùighteach, agus tha e neo-aileirgeanach agus bith-lobhach.

3. A' Measgachadh & A' Càrdadh

Tha an snàth a tha air a dhath air a chothromachadh ann an co-rèir ro-rùnaichte agus air a mheasgachadh gu math gus an dearbh thuar fhaighinn. Tha e an uair sin air a chàrdadh a’ cleachdadh roilearan fiaclach, meacanaigeach a bhios a’ cìreadh agus a’ measgachadh nan snàthlainn mus bi iad air an toirt bho chèile mar shnàth feumail.

4. A' Snìomh

Tha an snàth bog air a thoinneamh an uair a tha e air a shnìomh gus an neart as motha a thoirt dha an uair a tha e air fhighe. Tha an snàth a tha air a shnìomh air a chur air bobain ann a bhith ag ullachadh airson a chleachdadh air a’ bheairt: an snàth-cuir (snàithlein a’ dol bhon làimh cheàrr chun na làimhe clì) agus an dlùth (na slàithlein air fad a’ chlò).

5. A' Uarpadh

Tha am pròiseas àrd-sgileil seo a’ faicinn nam mìltean de shnàithlean dlùth air an ullachadh ann an iarnan fada ann an òrdugh sònraichte agus air an cur air crann-snàth, deiseil gus an lìbhrigeadh còmhla ri snàth-cur (bobain), gu na breabaidearan aig an dachaighean.

6. A' Fighe

Tha an Clò Hearach air fad air fhighe air beairt aig dachaigh a' bhreabadair is chan ann ann am muilinn. Bidh snàth-dlùth agus an snàth-cur a' tighinn bhon mhuilinn. Bidh am breabadair an uair sin a’ tòiseachadh a’ ceangal a’ chlò a-steach dhan bheart, a’ ceangal nan snàithlein ri deireadh a’ chlò a bha sa bheairt ron fhear seo (fuidheag) gus am bi e nas fhasa a cheangal a-steach. Faodar an uair sin tòiseachadh a’ fighe fo shùil gheur a’ bhreabadair.

7. A' Sgeadachadh

Bidh an clò a’ dol air ais chun na muilne ann an riochd neo-ullaichte is ann an seo bidh e a’ dol tro làmhan gleusta luchd-dàrnaidh eòlach a bhios a’ ceartachadh eadhoin nam mearachdan as lugha. Bidh salachar, ola agus truaillidhean sam bith eile air an toirt air falbh le bhith a’ nighe a’ chlò agus ga bhualadh ann an uisge le sòda agus siabann mus bi e air a thiormachadh, air a stiomadh, air a bhruthadh sìos is air a sgioblachadh gus am bi e ann an suidheachadh foirfe is grinn.

8. A' Stampadh

Is e an ìre mu dheireadh sa phròiseas neach-sgrùdaidh neo-eisimeileach bho Ùghdarras a’ Chlò Hearaich a bhith a’ sgrùdadh a’ chlò, agus ma bhios an neach-sgrùdaidh riaraichte gu bheil an clò a’ ruighinn nan ìrean, thèid comharra teisteanachaidh ainmeil an Òrb a chur air taobh cùil an aodaich le iarann teth. Is e seo an seula ùghdarrais dheireannaich.

Is ann a-nis is urrainn dhuinn Clò Hearach a chantainn ris an aodach seo.

Ceannaich Clò Hearach

An Clò Mòr Gnìomhachas Seasmhach