Ceannaich Clò Hearach

Bithibh mothachail: Cha bhi Ùghdarras a’ Chlò Hearaich e fhèin a’ dèanamh Clò Hearach no a’ reic nithean air an dèanamh bho Chlò Hearach.
Gu h-ìosal chithear ceanglaichean ris na muilnean is luchd-obrach neo-eisimeileach a bhios a’ fighe agus a’ reic an aodaich shònraichte againn.

Ceannaich Clò Hearach

Muilnean & Luchd-dèanaimh Clò Neo-eisimeileach

Bidh breabadairean a’ Chlò Hearaich ag obair ann an com-pàirteachas leis na trì muilnean Clò Hearach gus coinneachadh ris a’ liuthad òrdan a bhios a’ tighinn bho na margaidhean eadar-nàiseanta no gu neo-eisimileach airson coimisein a bhios iad a’ faighinn bho luchd-dèilig prìobhaideach.

Bithibh mothachail: Is e dleastanas Ùghdarras a’ Chlò Hearaich a bhith a’ dìon agus ag adhartachadh brannd agus cliù a’ Chlò Hearaich. Cha bhi sinn a’ dèanamh Clò Hearach no a’ reic stuth air a dhèanamh de Chlò Hearach. Gus dèanamh cinnteach gu bheil sibh a’ cuideachadh ann a bhith a’ dìon càileachd a’ bhrannd, tha e riatanach gun leugh sibh Poileasaidh Bhileagan agus Riaghailtean Cleachdadh Brannd an uair a bhios sibh a’ ceannach aodach a’ Chlò Hearaich.

Poileasaidh Bhileagan agus Riaghailtean Cleachdadh Brannd

Muilnean a' Chlò Hearaich

Airson òrdain mòr-reic de Chlò Hearach
Bidh na muilnean cuideachd a’ reic pìosan aodaich nas lugha & nithean air an dèanamh leis a’ Chlò Hearach.

10 Adhbharan Tadhail Oirnn