The Harris Tweed® Cloth

Gnìomhachas Seasmhach

Harris Tweed®

100% Nàdarrach

Tha Clò Hearach air a dhèanamh bho chlòimh 100% Breatannach, a tha gu nàdarrach ath-nuadhachail, bith-lobhach agus ath-chuairteachail. Cuir ri seo gu bheil i socair, comasach seasamh ri gaoth, uisge agus lasair agus cha leigear a leas obair crìochnachaidh a bharrachd a dhèanamh airson seo.

A' Lùghdachadh ar buaidh àrainneachdail

Tha gach muilinn Clò Hearach a' dol a rèir inbhean reachdail air thoiseach san t-saoghal, a' gabhail a-steach a bhith a' cleachdadh pròiseasan dathaidh bith-chnàmhach.

An adhbhar a tha seasmhachd cudromach

Harris Tweed®

Tha an Clò Hearach air a bhith mun cuairt airson suas ri 200 bliadhna agus tha sinn airson 's gum bi e timcheall airson iomadh bliadhna eile. Tha seasmhachd cudromach do ar n-àrainneachd is do ar coimhearsnachd, a' dèanamh cinnteach gum bi modhan-obrach earbsach air an cleachdadh tro ghnìomhachas a' Chlò Hearaich.

Gnìomhachas Clò Hearach seasmhach:

  • A' toirt taic don traidisean air leth de fhighe le làmh sgileil
  • A' tabhann obair seasmhach tron bhliadhna air fad. Tha ar toradh de 1-1.5m meatair a' toirt taic do 220 breabadair agus 160 obair sa ghnìomhachas san fharsaingeachd.
  • A' brosnachadh ghinealaichean ùra a dhol an sàs sa ghnìomhachas.
  • A' toirt cothrom do ghnìomhachasan a bhith a' planadh seilbheachd ann an trèanadh agus ùr-ghnàthachas.
  • A' cleachdadh snàth ath-chuairteachail agus bith-lobhach.
  • A' lùghdachadh buaidh air an àrainneachd bho ghnìomhachas.
  • A' dèanamh cinnteach gu bheil seasmhachd aig teis-mheadhan feallsanachd a' Chlò Hearaich.

Cuir fios thugainn