Sgeulachd a' Chlò Mhòir

Ar Dachaigh air an Eilean

Harris Tweed®

Tha an t-sreath fada de dh’eileanan air taobh siar na Roinn Eòrpa nan dachaigh don h-uile breabadair, dathadair, measgadair, snìomhadair, uarpadair, crìochnaichear agus sgrùdaire a tha an lùib a’ Chlò Hearaich. Chan eil pàirt sam bith den phròiseas a’ tachairt ann an àite sam bith eile.

Mar sin, tha an talamh agus na daoine air am fighe a-steach dhan aodach, a tha mar sgàthan air dathan nan cruthan-tìre, bòidhchead ar seallaidhean agus luachan ar daoine.

Air fìor cheann a tuath an t-sreath de dh’eileanan tha Eilean Leòdhais – fearann sgorrach, breàgha le fraoch agus mòinteach, lochan agus sruthain agus na trì muilnean Clò Hearach – agus far a bheil prìomh bhaile Steòrnabhaigh.

Tha barrachd bheanntan anns Na Hearadh na tha san eilean a tha nas fhaide tuath, agus tha cuid de na tràighean as bòidhche san t-saoghal ann cuideachd, le gainmheach bhrèagha, bhuidhe, muir gorm, ao-domhainn agus sgaoilteach de chroitean agus bhailtean air feadh an àite.

Tha sreath de dh’eileanan nas lugha deas air Leòdhas agus Na Hearadh, far am faicear machraichean agus lochan Uibhist a Tuath agus Deas agus Barraigh bòidheach aig an fhìor cheann a deas.

Fad ghinealaichean tha na h-eileanan sin air aodach sònraichte a dhèanamh …An Clò Hearach.

Ar Dleastanas air Feadh na Cruinne

Harris Tweed®

Bho eileanan iomallach Innse Gall, bithear ag às-mhalairt a’ Chlò Hearaich gu còrr air 50 dùthaich. Bho na margaidhean traidiseanta san Roinn Eòrpa, Ceann a Tuath Aimeireaga agus An Ear Chèin gu na nàiseanan BRIC a tha a’ tighinn gu bith, Brasil, An Ruis, Na h-Innseachan agus Sìona, tha an clò a’ dèanamh a shlighe gu gach ceàrnaidh den t-saoghal.

Seacaidean fhireannach thraidiseanta, aodach spaideil an là an-diugh, brògan le stoidhle, stuth 5 rionnagan airson broinn an taighe, deiseachan sònraichte: chan eil crìoch air na dòighean anns an urrainn an Clò Hearach a bhith air a chleachdadh. Bithear ga chur gu taighean fasain, luchd-deilbh neo-eisimeileach, companaidhean ioma-nàisean, companaidhean beaga agus tàillearan ainmeil, gus cur ris na h-oidhirpean cruthachail aca, air feadh an t-saoghail.

Tha seo air fad a’ tighinn bho na croitean agus na muilnean sna h-eileanan beaga Albannach againn air oir a’ Chuain Shiair.

Cuir fios thugainn

Ar Dleastanas Ar n-Eachdraidh