Aodach a' Chlò Hearaich

10 Adhbharan a bhith Dèidheil air

Harris Tweed®

1. Dìon

Tha Achd a' Chlò Hearaich (1993) a' gleidheadh san lagh gum bi gach meatair de Chlò Hearach a rèir nan inbhean agus a' leantainn a' mhìneachaidh reachdail mun Chlò Hearach. Far am faic thu comharra an Òrb, is e dearbhadh a tha sin gu bheil an t-aodach air ullachadh gu h-ùghdarrail mar a tha air a chur an cèill san Achd.

2. Eachdraidh

Airson còrr math is ceud bliadhna, tha an Clò Hearach air a bhith air fhighe le sgil agus cùram le croitearan sna dachaighean aca fhèin, dìreach mar a tha san là an-diugh. Bho thràth san 20mh linn, tha an Clò Hearach air a bhith air a roghnachadh leis na daoine uasal, beairteach agus le luchd-fasain san là an-diugh.

3. Dùthchasail

A rèir an lagh, feumaidh an Clò Hearach air fad a bhith air ullachadh ann an Innse Gall agus chan ann ann an àite sam bith eile. Tha a h-uile òirleach de shnàth air a dhath is air a shnìomh ann am muilinn sna h-eileanan. Tha a h-uile slat air fhighe aig dachaigh breabadair Clò Hearach. Tha na sgilean sin air a thighinn a-nuas bho ghninealach gu ginealach ann an coimhearsnachd an eilein.

4. Nàdarrach

Tha an Clò Hearach na roghainn nàdarrach: modhan-obrach ullachaidh air fhighe le làmh le buaidh glè ìosal agus riatanas laghail a bhith an urra ri bun-stuth nàdarrach. Bheir an solaraiche agad dhut an sònrachas agus am mion-fhiosrachadh mun rogha aodaich agad.

5. Dearbhachd

Tha an Clò Hearach air a dhath, an snàth air a chur ri chèile, air a chàrdadh air a shnìomh, air a uarpadh, air fhighe, air a chrìochnachadh air a sgrùdadh is air a stampadh ann an Innse Gall na h-Alba le croitearan agus luchd-ciùird iondail.

6. Deisealachd

Air a dhèanamh de fhìor shnàth ùr 100%, tha an Clò Hearach blàth sa gheamhradh agus fionnar as t-samhradh. Cumaidh e a-mach uisge, caithidh e gu math, tha e furasta a ghlanadh agus a chàireadh leis na h-innealan as sìmplidh.

7. Maireannachd

Is dòcha gum pàigh thu rud beag a bharrachd airson a’ Chlò Hearaich agad, ach gheibh thu sin air ais leis gu seas e ùine. Cha tèid e a-mach à fasan agus fàsaidh e nas fheàrr leis an aois.

8. Obair-ciùird

Air fhighe le beairtean le stùil-coise, tha an Clò Hearach air fhighe le làmh às aonais fèin-obrachas no dealain. Bheir e mìosan sgilean breabadair ionnsachadh agus bliadhnaichean gus a thighinn gu làn ìre agus tha a h-uile ceum de phròiseas a’ Chlò Hearaich ann an làmhan eileanaich sgileil, bhon ìre dath gu ìre lìbhrigidh.

9. Bòidhchead

Tha an Clò Hearach gu litearrail air a dhath sa chlòimh, le snàithlein eadar-dhealaichte de chlòimh air an cur ri chèile gu faiceallach ann an òrdugh sònraichte mus tèid an snìomh. Dh’fhaodadh gu bheil dhà no trì dhathan air an cur ri chèile gus an dath no an tuar ceart fhaotainn, a h-uile h-aon dhiubh a’ comharrachadh taobh air choreigin de ar suidheachadh nàdarrach. Fraoch, còinneach, lochan, beanntan agus adhar: a h-uile h-aon dhiubh a’ tighinn ri chèile gus Clò Hearach brèagha a dhèanamh.

10. Stoidhle

Tha an luchd-deilbh as fheàrr san t-saoghal, taighean fasain agus dealbhadairean air gabhail gu mòr ris a’ Chlò Hearach, agus a’ sealltainn an ùidh le bhith a’ dèanamh cruthachaidhean mìorbhaileach gach seusan. Agus chan eil an Clò Hearach dìreach airson aodach spaideil an là an-diugh; bidh broinn an taighe cuideachd a’ mealtainn sòghalachd nach tig bho nì sam bith eile ach an Clò Hearach.

Gnìomhachas Seasmhach Ceannaich Clò Hearach