Teirmichean is Cumhaichean

Ma leanas tu ort a’ dol tron làrach-lìn seo agus ga chleachdadh, tha thu ag aontachadh ris agus a’ leantainn nan teirmichean agus nan cumhaichean cleachdaidh, a tha còmhla ris a’ phoileasaidh prìobhaideachd againn a’ riaghladh an dàimh a tha aig Ùghdarras a’ Chlò Hearaich riut a thaobh an làrach-lìn seo. 

Ma tha thu ag eas-aontachadh ri pàirt sam bith de na teirmichean agus na cumhaichean sin, na cleachd an làrach-lìn againn.

Tha an teirm ‘Ùghdarras a’ Chlò Hearaich’ no ‘sinn’ mun bhuidhinn leis a bheil an làrach-lìn le oifis clàraichte aig 2 Sràid Chrombail, Steòrnabhagh, Eilean Leodhais.  Tha an teirm ‘thu’ no ‘sibh’ mun neach a tha a’ coimhead air an làrach-lìn againn. 

Tha cleachdadh an làraich-lìn seo a-rèir nan teirmichean cleachdaidh seo:

1. Tha susbaint nan duilleagan den làrach-lìn seo airson d’ fhiosrachadh coitcheann agus cleachdadh a-mhàin.  Faodar atharrachadh gun brath a thoirt.

2. Bidh an làrach-lìn seo a’ cleachdadh criomagan airson a bhith a’ cumail sùil air roghainnean brobhsaidh.  Ma tha thu a’ leigeil le criomagan a bhith air an cleachdadh, faodaidh am fiosrachadh pearsanta a leanas a bhith air a stòradh leinn airson a bhith air a chleachdadh le treas phàrtaidhean.   

3. Cha bhi sinne no treas phàrtaidhean sam bith a’ toirt barantas no dearbhachd a thaobh mion-cheartas, tìmealachd, dèanadas, coileantachd no iomchaidheachd an fhiosrachaidh agus na stuthan a tha air, no air an tabhann air an làrach-lìn seo airson adhbhar sònraichte sam bith.  Tha thu a’ gabhail ris gum faod mearachdan no nithean nach eil ceart a bhith ann an leithid sin de dh’fhiosrachadh agus stuthan agus tha sinn a’ dubhadh a-mach buailteachd sam bith airson mearachdan no iomrallan mar sin chun na h-ìre as motha a tha ceadaichte fon lagh.   

4. Tha cleachdadh sam bith a nì thu de dh’fhiosrachadh no stuthan a tha air an làrach-lìn seo mar riosg dhut fhèin, agus cha bhi sinne buailteach air an son.  Bidh e mar uallach ort fhèin a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil stuthan, seirbheisean no fiosrachadh a gheibh thu air an làrach-lìn seo a’ coinneachadh ris na riatasanan sònraichte agad-sa. 

5. Tha an làrach-lìn seo a’ gabhail a-steach stuth a bhuineas dhuinne no a tha againn fo chead.  Tha an stuth a’ gabhail a-steach, ach chan eil e air a chuingealachadh ri, deilbh, cruth, cumadh, coltas agus grafaigs.  Chan eil ath-chleachdadh ceadaichte mur a tèid an còir-dligheach a chleachdadh, a tha mar phàirt de na teirmichean agus na cumhaichean sin. 

6. Tha na comharran-malairt a tha air an cleachdadh san làrach-lìn seo, nach eil leis a’ bhuidhinn no a tha aca fo chead, air an ainmeachadh air an làrach-lìn. 

7. Dh’fhaodadh cleachdadh neo-ùghdarraichte den làrach-lìn seo tagradh airson milleadh adhbharachadh agus/no a bhith mar choire eucoireach. 

8. Bho àm gu àm, dh’fhaodadh an làrach-lìn seo a bhith a’ gabhail a-steach ceanglaichean ri làraich-lìn eile.  Tha na ceanglaichean sin air an tabhann airson tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhuibh.  Chan eil iad a’ dearbhadh gu bheil sinn ag aontachadh ris an làrach-lìn (na làraich-lìn).  Chan eil uallach sam bith oirnne airson susbaint nan làraich-lìn sin. 

9. Tha an cleachdadh agadsa den làrach-lìn seo agus deasbad sam bith a dh’fhaodadh èirigh à bhith a’ cleachdadh an làraich-lìn fo bhuaidh laghan Shasainn, Ceann a Tuath Èirinn, Alba agus A’ Chuimrigh. 

Back