Aodach a' Chlò Hearaich

An Clò Mòr

Harris Tweed®

Is e aodach a’ Chlò Hearaich – An Clò Mòr – an t-aon aodach san t-saoghal a tha air a riaghladh leis an Achd Pàrlamaid aige fhèin agus an t-aon aodach a tha air ullachadh ann am meudan coimeirsealta le bhith a’ cleachdadh modhan-obrach traidiseanta.

Tha caractar agus bòidhchead air leth aig a’ Chlò Hearach. Tha na ceudan de phàtrain suaicheanta air a bhith air an leasachadh fad linntean, gach fear dhiubh sònraichte, ach chan eil ceist ann nach buin iad dhan Chlò Hearach.

Tha e neo-àbhaisteach gu bheil a’ chlòimh air a dath mus tèid a snìomh, agus tha seo ga dhèanamh comasach mòran dhathan a cho-mheasgachadh dhan t-snàth, a’ cruthachadh aodach anns a bheil doimhneachd mhòr agus ioma-fhillteachd.

Coimhead air a’ Chlò Mhòr

© Jack Flynn / Nick David

Coimhead nas Dlùithe

Harris Tweed®

Coimhead gu dlùth gus am faic thu fìor nàdair a’ Chlò Hearach agad. Tha catalog mòr ann de dheilbh ris am faod thu coimhead: bho raon farsaing de fhighe plèana, deilbh cnàimh-sgadain gu breacain nas ioma-fhillte cho math ri pàtrain ùra, neo-ghnàthach, co-aimsireil. Bidh Luchd-dèanaimh a’ Chlò Hearaich a’ leantainn orra le luchd-dèilig ann a bhith a’ sgrùdadh nan cothroman airson gach sèasan ùr.

Beantainneach, bog, socair, blàth, dathach, seasmhach agus so-fhreagarrach: chan eil sgeul air an t-seann ìomhaigh a bha aig a’ chlò mar aodach trom, tachaiseach agus seann-fhasanta. Tha an Clò Hearach a’ cumail ris an dualchas a tha aige de dheisealachd agus mairsinneachd agus aig an aon àm a’ foillseachadh càileachdan agus beusan aodaich a tha dha-rìribh sòghail.

Na Breabadairean

Harris Tweed®

Tha an càirdeas eadar na breabadairean agus na muilnean aig cridhe gnìomhachas a’ Chlò Hearaich.

Is e neach-ciùird a tha ann am breabadair a’ Chlò Hearaich a tha a’ stiùireadh na beairt san aon doigh sa bheil neach-ciùil a’ stiùireadh inneal-ciùil. Tha am fuaim agus na nòsarachdan aice fhèin aig a h-uile beairt agus chan eil fhios ach aig a’ bhreabadair mar a gheibhear an nì as fheàrr aiste. Dh’fhaodadh e ùine mhòr a thoirt ag ullachadh na beairt airson clò ùr fhighe. Aon uair is gu bheilear air tòiseachadh a’ fighe, dh’fhaodadh iad suas ri ceithir meatairean de chlò fhighe gach uair a thìde, agus a’ cumail sùil gheur a-mach fad na h-ùine airson mhearachdan.

Na Muilnean

Harris Tweed®

Ach, chan eil sa bhreabadair ach pàirt den sgeula. Às aonais luchd-obrach nam muilnean, cha bhiodh snàth ann airson fhighe air a’ bheairt. Tha mòran obraichean spèisealaichte gan dèanamh ann an seadaichean nam muilnean. Tha luchd-dath proifeiseanta ann agus co-mheasgadairean, luchd-snìomh an t-snàth agus uarpairean, luchd-crìochnachaidh an aodaich agus luchd-stampaidh agus mòran dhreuchdan eile.

Bhon chroit chun stèidse, bidh fir is mnathan nan eilean a’ gabhail sùim mhòr den obair, agus chithear a thoradh sa h-uile pìos den Chlò Mhòr a bhios a’ fàgail an cladaichean.

Lorg an Clò Hearach

An Tasglann Am Pròiseas