Thàinig Ùghdarras a' Chlò Hearaich gu bith tro Achd Pàrlamaid ann an 1993, a chur buidheann ùr reachdail an àite Comunn a' Chlò Hearaich a chuireadh air chois an toiseach ann an 1909.
Ann an co-rèir ris an Achd, feumaidh An Clò Hearach "a bhith air fighe le eileanaich le làmh aig an dachaighean ann an Innse Gall, air a chrìochnachadh ann an Innse Gall, agus air a dhèanamh le clòimh a chaidh a dath agus a snìomh ann an Innse Gall.”
Tha an Achd a' dèanamh cinnteach gu bheil an t-aodach air fad a tha air a theisteanachadh le suaicheantas Orb a' Chlò Hearaich a' cumail ris a' mhìneachadh seo. Tha an reachdas seo - còmhla ri obair Ùghdarras a' Chlò Hearaich - a' barantachadh ainm, càileachd agus cliù a' Chlò Hearaich.
"Is e dreuchd Ùghdarras a' Chlò Hearaich a bhith ag adhartachadh agus a' cumail suas ùghdarrachd, inbhe agus cliù a' Chlò Hearaich a tha ainmeil air feadh an t-saoghail. Bidh sinn a' cumail sùil air dèanamh agus sgrùdadh an aodaich bho thùs gu èis. Cha chuir sinn an comharra teisteanachaidh air an aodach gus am bi sinn riaraichte gu bheil e airidh air an Òrb eachdraidheil againn.
Tha comharra an Òrb, a gheibhear cuideachd air a' bhileag thraidiseanta a bhithear a' cur air nithean a tha air an dèanamh de chlò, a' toirt barantas air clò den chaileachd as àirde air a dhath, a shnìomh agus air fhighe le làmh, le eileanaich ann an Innse Gall aig an dachaighean an Innse Gall ann an Alba, air a dhèanamh aig an dachaighean ann an co-rèir ris na laghan a tha ann an Achd Pàrlamaid a' Chlò Hearaich."
Ball de Institiut nan Cunntasairean Ionmhasail agus a tha air a bhith an sàs ann an gnìomhachas air an eilean airson 40 bliadhna, tha Tarmod air a bhith air Bòrd HTA bho 1999. Tha e air a bhith na chomhairliche air an ùghdarras ionadail agus na bhall de dh'Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh agus tha e a' meas gnìomhachas a' Chlò Hearaich mar earrann sheasmhach den eaconamaidh ionadail.
Is e Alasdair riochdaire Chomhairle nan Eilean Siar air a' Bhòrd. Tha e na bhall de Cho-Bhòrd Luachaidh na Gàidhealtachd & nan Eilean, An Lanntair agus na chomhairliche air Baile Thaighean-tughaidh nan Gearrannan, agus dealasach mu bhith a' leasachadh cànan agu cultar nan Eilean Siar.
Tha Ian air a bhith a' fuireach ann an Leòdhas bho 1983 agus tha e na Àrd Eòlaiche den Acadamaidh Àrd Fhoghlaim agus bha e an urra ri Leasachadh Proifeiseanta & Foghlam Thidseir aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus Nan Eilean airson 15 bliadhna. Tha e cuideachd mar Chathraiche air Bòrd Colaisde Caisteal Leòdhais.
Bha Catriona ag obair airson Banca Rìoghail na h-Alba, agus bha dreuchd aice ann an iomadh buidheann agus comann. Bha i na Comhairliche air an ùghdarras ionadail agus fhritheil i air Pannal Cloinne nan Eilean Siar.
Tha Eilidh na neach-naidheachd aig BBC Alba. Rugadh i ann an Inbhir Nis agus chaidh a togail air Taobh Siar Rois is ghluais i gu Leòdhas, an t-eilean san deach a h-athair àrach. Bha i na h-oileanach ann an Oilthigh Ghlaschu agus Sabhal Mòr Ostaig agus bha i ag obair do luchd-ciùil mar Elton John agus Eric Clapton.
Is e Co-òrdanaiche Riochdachaidh ann an Glaschu a tha ann an Raonailt NicAoidh. Buinidh i do Steòrnabhagh agus tha i a' cumail suas a ceanglaichean làidir ris an eilean. Tha ùidh mhòr aig Raonailt ann an cànan, cultar agus fasan. Bidh i a' dèanamh strì mhòr airson 's gum mair a' Ghàidhlig beò agus gun tèid dìon a chur air cultar sònraichte Innse Gall agus tha i mar ghuth brosnachail na h-òigridh sa bhuidhinn againn.
Tha Magaidh Nicaoidh, a bhuineas do Dhail bho Dheas, na Clàrc do Mhorair-ionaid a' Chrùin agus na com-pàirtiche ann an Anderson Macarthur Companaidh Luchd-lagha a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh. Bha i na ball de Chomhairle Coimhearsnachd Nis agus na Stiùiriche air Urras Oighreachd Ghabhsainn agus an-dràsta na Cathraiche air Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais. ~Zaq
Tha Aonghas MacIllinnean, a bhuineas do Ghòbhaig air taobh siar na Hearadh, ag obair do Chomhairle nan Eilean Siar mar Cheannard air E-Sgoil, pròiseact foghlaim didseatach ùr-ghnàthach stèidhichte an seo ann an Innse Gall. Tha Aonghas a' toirt gu HTA eòlas air rianachd agus ceannardas, ceanglaichean foghlaim nàiseanta agus sgilean cànain sa Ghàidhlig.
Is e riochdaire bhon ùghdarras ionadail a tha ann an Rae air Bòrd Ùghdarras a' Chlò Hearaich. Mus do leig e dheth a dhreuchd, mheal Rae dreuchd fada agus soirbheachail ann an reic agus margaidheachd ann an gnìomhachas a' Chlò Hearaich airson mu 40 bliadhna. Tha fìor eòlas aig Rae air cho cudromach 's a tha earrann a' Chlò Hearaich do dh'eaconamaidh an eilein agus cho cudromach 's a tha adhartachadh de dh'àrd-chàileachd den chlò.