O chian nan cian, tha muinntir Innse Gall na h-Alba air a bhith a’ fighe aodach brèagha agus toinnte ris an canar Clò Hearach air feadh an t-saoghail.
Airson ùine mhòr tha ainm air a bhith aig na h-eileanaich ann an Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist agus Barraigh airson feabhas an cuid breabadaireachd. Ach, suas gu meadhan an naoidheamh linn deug, cha robh an t-aodach a bha iad a’ fighe air a chleachdadh ach air an croitean no air a reic aig margaidhean ionadail.
Ann an 1846, thug a’ Bhaintighearna Dunmore, banntrach uachdaran Na Hearadh, an t-Iarla Dunmore, air breabadairean Hearach breacan a’ chinn-chinnidh fhighe air a’ bheart. Bha na toraidhean cho soirbheachail ’s gun do thòisich i a’ cur mòran ùine agus oidhirp seachad a’ margaidheachd a’ chlò ri na caraidean beairteach aice a bha a’ fuireach fada air falbh.
Mar thoradh air sin, thòisichear gu sgiobalta a’ reic clò an eilein ri luchd-malairt air feadh na dùthcha.
Bhathar a’ sireadh Clò Hearach sna cearcaill shòisealta a b’ àirde agus, air feadh Innse Gall, thòisich breabadairean a’ cur ris an iarrtas a bha a’ sìor fhàs. Eadar 1903 agus 1906 bha gnìomhachas a’ chlò fo làn sheòl agus, ann an Leòdhas, chaidh muilnean càrdaidh agus snìomh a thogail gus dèiligeadh ris na h-òrdain a bha sìor mheudachadh. Leis an fhèill a bha sìor fhàs air a’ chlò bha e soilleir gum feumte ceumannan a ghabhail gus ainm math a’ Chlò Hearaich a dhìon bho bhreug-shamhail a bhith air an dèanamh.
Chaidh coinneamh a chumail ann an Steòrnabhagh ann an 1906 gus beachdachadh air siostam a stèidheachadh airson sgrùdadh a dhèanamh air a’ chlò agus, nam faigheadh e troimhe, gun deigheadh stampa a chur air mar theisteanas a bheireadh misneachd dhan ghnìomhachas agus dhan phoball. Ann an 1909, chaidh Comunn a’ Chlò Hearach Earranta a stèidheachadh mar chomharra-malairt gus an t-Òrb agus a’ Chrois Mhaltach ainmeil a chlàradh leis na briathran Harris Tweed sgrìobhte gu h-ìosal. Chaidh an comharra-malairt seo a chlàradh ann an 1910 agus thòisichear a’ stampadh ann an 1911.
Ann an 1934, chaidh mìneachadh a’ chomharra-malairt atharrachadh gus a bhith a’ leigeil le snàth air a shnìomh sna muilnean a bhith air a chleachdadh cho math ri snàth air a shnìomh le làmh, agus bha seo a’ leigeil leis a’ ghnìomhachas ceum mòr a ghabhail sna bhathar a’ dèanamh. Mheudaich na bhathar a’ stampadh de shlatan deich-fillte agus chùm seo a’ dol gus an do ràinig e àrd ìre de 7.6 millean slat ann an 1966.
Bho dhaoine rìoghail agus maithean an fhearainn gu daoine suaicheanta Hollywood agus luchd-deilbh fasain, tha an t-aodach iorasal seo, a tha air a dhèanamh le luchd-ciùird sgileil ann an Innse Gall, air a thighinn gu bhith na nì cudromach ann am preasan-aodaich, agus mar nì a dh’fheumas a bhith aig custamairean le comas breithneachaidh air feadh na cruinne. Fhad’s a tha e air a bhith a’ fàs ainmeil, tha an Clò Hearach air a bhith a’ dìreadh Everest agus air nochdadh air an Sgrion Airgid, air a bhith air na Seachd Cuantan agus air nochdadh air na làr-bhratan dearga agus na catwalks. Mu mheadhan an 20mh linn, bha an Clò Mòr air inbhe a dhìon mar aodach clasaigeach a bha fìor agus maireannach.
Tràth sna 1990an, chuir an gnìomhachas roimhe e fhèin atharrachadh agus a nuadhachadh le bhith a’ cruthachadh beairt dhùbailte, ag ath-thrèanadh breabadairean, a’ toirt a-steach inbhean nas cruaidhe agus a’ margaidheachd clò ùr a bha na bu leathainn, na bu bhuige is na b’ aotraime. Chaidh an obair seo a dhaingneachadh an uair a ghabh Ùghdarras a’ Chlò Hearaich a-nall bho Chomunn a’ Chlò Hearaich mar thoradh air Achd Pàrlamaid 1993. Mar sin, thàinig mìneachadh a’ Chlò Hearaich gu bhith na nì reachdail agus a’ ceangal a’ chlò gu bràth ris na h-Eileanan.